Monday, March 10, 2008

Gaelic song lyrics

We had some Gaelic songs last Royal Mile session, led by Nick and Liam. I thought this was a great addition to the jam - I'd love to see more songs in general, and Gaelic songs are a part of that. I asked Nick to email me the tunes they sang for us.

Tha Neacal a' sgrìobhadh (Nick writes):
Sheinn mise "Mo Chridhe Trom 's Mi Seoladh", agus "Chailleach Chrupach/Tha Bean Agam". Sheinn Liam "Ged a Sheol mi air M' aineol"

(Trans: I sang "Mo Chridhe Trom 's Mi Seoladh", and "Chailleach Chrupach/Tha Bean Agam". Liam sang "Ged a Sheol mi air M' aineol")


So for the fearless, here are the lyrics (and links to translation):

Mo Chridhe Trom 's Mi Seoladh
Sèist (Chorus):
Faili lè le bha ho / Faili lè le bha ho / Siuthadaibh ‘illean togaibh fonn / Mo chridhe trom ‘s mi seòladh.

Là dhomh ‘s mi gabhail sràid / Sìos is suas am Broomielaw / ‘S ann thachair rium a’ ghruagach bhàn / A dh’fhàiltich mi le sòlas.

Thuirt i rium am briathran ciùin / Thig a steach do’n t-seòmar chùil / Is gheibh thu an deòch as fheàrr na ‘m bùirn / Ma thig thu leam do’n t-seòmar.

Chaidh mi sin, ‘s gun d’fhuair mi ann / Deagh dheòch slàinte chaidh ‘nam cheann / ‘S mus tug mi sùil air dè na bh’ann / ‘S ann thuit mi thall ‘sa chòrnair.

Nuair a dhùisg mi as mo shuain / Mar gu’n dùisgeadh marbh a uaigh / ‘S ann bha mo cheann air càbhsair cruaidh / ‘S gun sgillin ruadh ‘nam phòcaid.

Thuirt an sgiobair dhol do’n chrann / Thuirt mi ris nach deidhinn ann / Thuirt e, feumaidh tu dhol ann / ‘S e sin a gheall thu dhòmhsa.


Ged a Sheol me air M' aineol
Sèist (Chorus):
Ged a sheòl mi air m' aineol/Cha laigh smalan air mi' inntinn/Ged a sheòl mi air m' aineol

'S ann à Boston a sheòl sinn/Dol air bhoidse chun na h-Ìnnsinn

Rinn sinn còrdadh ri captain/Air a' bhàrc a bha rìomhach

Trì latha roimh na Nollaig/Thàinig oirnn an droch shìde

Shèid i cruaidh oirnn le frasan/'S clachan mheallain a bha millteach

Cha robh ròpa 's cha robh òirleach/Nuair a reoth ann nach robh trì ann

Chaill sinn craiceann ar làmhan/Bha ar gàirdeanan sgìth dheth

Cha còignear nan seasamh/'S bha seachdnar nan sìneadh

Trì latha is trì oidhche/'S mi ri chuibhle ri droch shìde

Nuair a labhair an captain/"Illean tapaidh na dìobraibh

Nuair a ruigeas sibh cala/Bidh ur drama dhuibh cinnteach"

Tha lionn-diubh aig mo mhàthair/Is dùil aic' nach till mi


Still looking for the third song.

4 Comments:

At 4:00 PM, Anonymous Anonymous said...

'S dòcha gum faod mi cuideachadh a thoirt dhut. Rannsaich mi faclan na h-òrain seo air lìon 's tha mi a' smaointinn gun do lorg mi na bha thu ag iarraidh. 'Se "Cailleach Crùbach" an t-ainm air a' chiad òran agus "Tha Bean Agam, Tha Taigh Agam" ainm an dàrna òran a tha thu ag iarraidh. Sin na faclan:

Chailleach Crubach:
O hùg o Chailleach chrùbach You hunchbacked old wifie,
O HUG O lùgach iollagach bandy-legged, flighty,
O HUG O Bhradach bhriagach thieving, lying,
O HUG O bhialach ionasdach big-mouthed, …?...
O HUG O Bhreugach sgeulach untruthful, tale-bearing,
O HUG O éisgeach inisgeil! scurrilous, slanderous!
O HUG O Tha do theanga Your tongue
O HUG O leathan còmhnard is broad and flat—
O HUG O Tha trì roinn oirr’ it has three points
O HUG O ‘s faobhar leòit’ oirr’ and a cutting edge.
O HUG O Chaidh i ri cloich It went to the whet-stone
O HUG O air a’ bhòn-dé

Is seo na faclan "Tha Bean Agam":

Tha bean agam, tha taigh agam,
Tha allt aig ceann an taigh' agam,
Tha punnd de shiabann geal agam
'S mo lèine salach grànnda.

Dè nì mi gun lèine ghlan, gun lèine gheal,
Gun lèine ghlan?
Dè nì mi gun lèine ghlan,
'S mi falbh on taigh a-màireach

 
At 4:04 PM, Anonymous Anonymous said...

I left my comment in Gaelic; I should have left it in English (I don't know if you speak Gaelic at all), but I simply said that I think I found the lyrics to the songs you were looking for. I've provided the Gaelic lyrics for you (both can be found on the Net).

Hope this helps.

 
At 6:22 AM, Blogger Peter said...

Robert,

Tapadh leibh!

I've only been studying Gaelic for the last couple months, so your translation is helpful, especially for the majority of our sessioneers, who have none of the Gaelic on them.

Slàinte mhòr!

 
At 9:57 PM, Anonymous Anonymous said...

Robert,
that's a different old crippled woman than the one I sang about. this one has my sheep and I wanted them back. different lyrics.

 

Post a Comment

<< Home